Thèid Sgoil Shamhraidh Dràma na bliadhna-sa a chumail ann am Port Rìgh, eadar Diluain 8 agus Disathairne 20 den Iuchar 2019. Thèid fàilte a chur air iarrtasan bho dheugairean le Gàidhlig a bhios eadar 13 agus 17 aig àm na Sgoile ro Dhihaoine 21 den Ògmhios. Lorgar an fhoirm-iarrtais air loidhne agus tuilleadh fiosrachaidh aig www.feisean.org/ssd. Chan eil eòlas air dràma no cleasachd riatanach gus pàirt a ghabhail anns an sgoil-chòmnaidh.
‘S e Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal, a tha ga cuir air dòigh, thuirt e “Tha roghainn aig tagraichean cuir a-steach airson àite mhàireas 6 làithean no 12 latha. Rè a’ chiad seachdain gheibh a h-uile com-pàirtiche cothrom eòlas a chur air sgilean chleasachd ‘s dràma eadar-dhealaichte agus air Disathairne cothrom film goirid a riochdachadh airson FilmG, com-fharpais nam filmaichean goirid aig MG Alba. Gheibh com-pàirtichean a bhios clàraichte airson 12 latha cothrom an obair aca a leasachadh ‘s taisbeanadh air an oidhche mu dheireadh. Tha an Sgoil a’ toirt brosnachadh do dheugairean le ùidh ann a bhith leasachadh sgilean cleasachd son an àrd-urlair agus film, agus ‘s e cothrom air leth a th’ann gus na sgilean labhairt aca sa Ghàidhlig a mhisneachadh.”
Tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte gum bi Mairi Mhoireasdan a’ tilleadh mar stiùiriche ealain na Sgoile son an dàrna bliadhna. Tha Mairi, a bhoinneas do Leòdhas ach a’ fuireach ann an Glaschu a-nis, air cliù a chosnadh dhì fhèin mar chleasaiche agus seinneadair. Tha Mairi aithnichte mar chleasaiche ann am ‘Bannan’ air BBC Alba agus aig deireadh a’ bhliadhna sa chaidh sgrìobh agus bha i a’ cleasachd san dràma Gàidhlig ‘Bana-ghaisgich’ a chaidh a riochdachadh le Theatre Gu Leòr agus a nochd mar phàirt de Chuirmean Cuimhneachaidh na h-Iolaire.
Tha taic-airgid ri fhaotainn do theaghlaichean a phàigheas airson suas ri 50% de chosgaisean na Sgoile. Tha an taic-airgid seo ri fhaotainn do chom-pàirtichean iomchaidh tro Urras Shìm MhicCoinnich. Chaidh an Urras, a tha fo rian Fhèisean nan Gàidheal, a chur air bhonn ann an 2008 mar chuimhneachan air a’ chleasaiche iomraiteach gus na sgilean ealaineach aig Gàidheil òga a bhrosnachadh.
Ma tha ceistean agaibh mun Sgoil Shamhraidh Dràma nach cuir sibh fios gu Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal Aonghas MacLeòid le post-d air angus@feisean.scot no fòn thuige air 01463 225 559.
Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Alba Chruthachail agus Comhairle na Gàidhealtachd.



