Friday 21st August 2015
Tha Fèisean nan Gàidheal toilichte fhoillseachadh gun cùmar fèis seinn ann an Inbhir Nis air an ath-mhìos.
Bidh ‘Fèis nan Òran’ a’ dol eadar Dihaoine 11 agus Didòmhnaich 13 den t-Sultain 2015 agus fosgailte dha daoine òga eadar 16 is 24 bliadhna a dh’ aois le ùidh ann an òrain Ghàidhlig. Bidh measgachadh de bhùthan-obrach seinn air an tairgse fo stiùir dithis sheinneadair air a bheil meas mòr ann an saoghal na Gàidhlig – Màiri Nic a’ Ghobhainn agus Màiri Nic Aonghais.
A bharrachd air seo bidh cothrom aig compàirtichean tachartasan Blas fhrithealadh, fèis ciùil ainmeil a bhios a’ dol air feadh na Gàidhealtachd bhon 4mh – 12na den t-Sultain.
Bidh Fèis nan Òran saor ’s an asgaidh le àite-fuirich is biadh na lùib. Tha taic-airgid cuideachd ri fhaotainn airson chosgaisean-siubhail. Feumar clàradh ro-làimh gus àite a ghleidheadh agus thèid àiteannan a thoirt seachad a-rèir mar a thèid iarraidh orra.
Faodar iarrtasan a chur a-staigh air loidhne an seo. Airson barrachd fiosrachaidh no foirm-iarrtais clo-bhuailte cuiribh fios gu Raonaid Harris aig Fèisean nan Gàidheal air 01463 225559 no rachel@feisean.org.