Farpais 2019 le duais £500 do dh’oileanaich

Tha Urrasairean Urras Dhòmhnaill Iain – air farpais na bliadhna-sa a chur fo sheòl, mar chuimhneachan air Dòmhnall Iain MacAoidh, a bha, am measg iomadh dreuchd eile, na Iar Chathraiche air Urrasairean agus na Mhanaidsear Leasachaidh Phròiseactan aig Sabhal Mòr Ostaig.  Tha an fharpais a’ comharrachadh na h-obrach ionmholta a rinneadh le Dòmhnall Iain às-leth na Gàidhlig agus leasachaidhean gnìomhachais air feadh na Gàidhealtachd agus nan eilean. Faodaidh oileanach sam bith an Alba, làn-ùine no pàirt-ùine, an oilthigh no colaiste, tagradh chun na farpais.

Bha dlùth cheangal aig Dòmhnall Iain ri obair an t-Sabhail Mhòir, Ionad Rannsachaidh Lèirsinn, An Comunn Gàidhealach, (far an robh e na chiad Stiùiriche bho 1965-70), Comunn na Gàidhlig, Alcan Bhreatainn, Comann a Chlò Hearaich, Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Comann Gàidhlig Inbhir Nis fad bhliadhnaichean, a bharrachd air ceanglan ri buidhnean eile.

Thèid an fharpais a làimhseachadh a-rithist le Fèisean nan Gàidheal (FnG) às leth Urras Dhòmhnaill Iain agus bidh aig farpaisich ri na nì iad a cho-thaobhadh ri amasan agus cinn-uidhe Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus an Urrais fhèin.  Feumaidh tagraidhean tighinn bho oileanaich fa-leth agus thèid am measadh le panal a’ gabhail a-staigh riochdaire bho theaghlach Dhòmhnaill Iain, aon Urrasair, riochdaire bho FnG agus suas gu dithis eile.  Thèid na tagraidhean as fheàrr cuideachd a mheasadh leis na h-Urrasairean agus FnG feuch a bheil cothroman ann airson an tuilleadh leasachaidh.

B’ i Sharon Cooper a ghlèidh a’ chiad fharpais ann an 2018 agus tha i an-dràsta ag obair air leabhar agus taisbeanadh a chur ru chèile le dealbhan agus priontaichean de lusan agus feòir cuide ri ainmean agus teacsa Gàidhlig le barrachd fiosrachaidh mun dheidhinn.

A’ bruidhinn às leth nan Urrasair, thuirt Ùisdean MacIllinnein, ” ‘S e prìomh amasan na farpais a bhith a’ brosnachadh a h-uile meur is taobh de chultur na Gàidhlig; foghlam ann, agus tro Ghàidhlig a bhrosnachadh; misneachd a thoirt dhan fheadhainn a tha a’ rannsachadh na Gàidhlig agus a’ toirt air adhart an tuigse air cùisean Gàidhlig;  òigridh air feadh na Gàidhealtachd agus nan eilean a mhisneachadh gu bhith a’ leasachadh sgilean tionnsgain; neart choimhearsnachdan a thogail tro bhith nas ro-innleachdaile; agus a chuideachadh le ion-ghabhail sòisealta agus foghlam fad-bheatha.  Bha Dòmhnall Iain fhèin mar aon fhear a bha gu math cudromach an iomadach leasachadh Gàidhlig anns an 20mh agus 21mh linn.  Tha an fharpais seo mar chothrom do dh’òigridh an latha an-diugh iad fhèin a dhearbhadh le smuaintean ùra agus beachdan adhartach a nochdadh agus gach ùidh fa-leth a dh’fhaodadh a bhith aca a leasachadh.”

Tha an fharpais a nis fosgailte le tagraidhean ri bhith a-staigh ro Dhihaoine 4 Dàmhair.  Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun fharpais agus clàr-ama is eile tron cheangal seo.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer